BBC Naidheachdan (@bbcnaidheachdan) 's Twitter Profile
BBC Naidheachdan

@bbcnaidheachdan

Naidheachdan agus fiosrachadh sa Ghàidhlig bhon BhBC.

ID: 35742705

linkhttp://www.bbc.co.uk/naidheachdan calendar_today27-04-2009 13:38:38

26,26K Tweet

6,6K Followers

397 Following

BBC Naidheachdan (@bbcnaidheachdan) 's Twitter Profile Photo

Fhuair sgiobaidhean ball-coise WIIGA dearbhadh air clàr nan geamaichean aca aig Geamannan nan Eilean ann an Arcaibh air an ath-mhìos. bbc.in/4mNsAU6

Fhuair sgiobaidhean ball-coise WIIGA dearbhadh air clàr nan geamaichean aca aig Geamannan nan Eilean ann an Arcaibh air an ath-mhìos.
bbc.in/4mNsAU6
BBC Naidheachdan (@bbcnaidheachdan) 's Twitter Profile Photo

Tha fireannach a' faighinn leigheis san ospadal an dèidh mar a thugadh ionnsaigh air an Inbhir Nis Disathairne. bbc.in/3FBgdtm

BBC Naidheachdan (@bbcnaidheachdan) 's Twitter Profile Photo

Chaidh an taghadh a dhèanamh Diluain airson cairteal cuairt dheireannach Cupa na Camanachd. Tha am fiosrachadh uile an seo ⬇️ bbc.in/3SwPfG7

BBC Naidheachdan (@bbcnaidheachdan) 's Twitter Profile Photo

Tha na Poilis air a' Ghàidhealtachd ag iarraidh taic 's iad a' feuchainn ri lorg fhaighinn air fear a tha a dhìth eadar Ceann Loch Iuthairn agus Cinn t-Sàile. bbc.in/43Yw4LK

BBC Naidheachdan (@bbcnaidheachdan) 's Twitter Profile Photo

Tha Kerry Nic a' Phì air a misneachadh an dèidh an dùbhlain rothaireachd "a bu chunnartaiche" a rinn i fhathast. bbc.in/3Sx3CKE

BBC Naidheachdan (@bbcnaidheachdan) 's Twitter Profile Photo

Chaidh corp fireannaich a lorg le sgiobannan a bha a' sireadh fhir on Eilbheis a bha a' coiseachd air Ghàidhealtachd 's a bha a dhìth. bbc.in/3Sxs4eU

BBC Naidheachdan (@bbcnaidheachdan) 's Twitter Profile Photo

Dh'innis BPA Gàidhealach gu bheil e diombach le mar a tha barrachd dhaoine an Alba air a dhol gu companaidhean prìobhaideach airson seirbheisean meadaigeach na riamh roimhe. bbc.in/3Hpvnmc

BBC Naidheachdan (@bbcnaidheachdan) 's Twitter Profile Photo

Cha bhi aig luchd-siubhail air chois ri pàigheadh air Aiseag a' Chorrain an Loch Abar a' chiad ghreis agus dàil ga cur air a' phlana chonnspaideach faraidhean a thoirt a-steach. bbc.in/4n1q7pd

BBC Naidheachdan (@bbcnaidheachdan) 's Twitter Profile Photo

Tha Àrd-oifigear a' Chomuinn Ghàidhealaich gu bhith a' leigeil dheth a dhreuchd an ceann beagan mhìosan is e air obair ùr fhaighinn le Bòrd na Gàidhlig. bbc.in/43JJjPc

BBC Naidheachdan (@bbcnaidheachdan) 's Twitter Profile Photo

Chaidh dràibhear a shlaod dithis ofigearan poilis leis a' chàr aice air rathad faisg air an Aghaidh Mhòir a chur dhan phrìosan airson 18 mìosan. bbc.in/43Yxoyj

BBC Naidheachdan (@bbcnaidheachdan) 's Twitter Profile Photo

Le Fèis nam Meadhanan Ceilteach a' tadhal air Newquay sa Chòrn an t-seachdain seo, tha BBC Naidheachdan air a bhith a' bruidhinn ri tè a tha ag iomairt às leth cànan na Cùirn. bbc.in/4jySTuf

BBC Naidheachdan (@bbcnaidheachdan) 's Twitter Profile Photo

Tha Acair, còmhla ri Comhairle nan Leabhraichean, a' foillseachadh sreath ùr leabhraichean fo iomairt air a bheil ‘Feuch Ficsean’, gus dhaoine a tharraing gu leughadh sa Ghàidhlig. Tha Aonghas Moireasdan na mhanaidsear aig Acair.

BBC Naidheachdan (@bbcnaidheachdan) 's Twitter Profile Photo

Tha Comhairle nan Eilean Siar, Urras Steòrnabhaigh agus Urras Tuath-gaoithe Coimhearsnachd Mhuaitheabhail ag ràdh gu bheil iad a' dèanamh adhartais a thaobh phlanaichean gus pàirt de leasachaidhean gaoithe a chur ann an làmhan na coimhearsnachd. bbc.in/4dUIpEo

BBC Naidheachdan (@bbcnaidheachdan) 's Twitter Profile Photo

Thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear gu bheil i airson is gum bi an "aon chothrom aig a h-uile sgoilear ann an Alba airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig". bbc.in/3HCkyNq

BBC Naidheachdan (@bbcnaidheachdan) 's Twitter Profile Photo

A' bruidhinn aig làrach Bun-sgoil Ghàidhlig a' Challtainn air taobh sear Ghlaschu an-diugh, thuirt Ceit Fhoirbeis gu bheil i 'son an aon chothrom air FtMG a sgaoileadh dhan a h-uile sgoilear ann an Alba. bbc.in/3FkpmGM